Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 9:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir e litrichean a‑chum nan Iùdhach uile, a‑chum a’ cheud agus nan seachd mòr-roinn fhichead de rìoghachd Ahasueruis, le briathran sìth agus fìrinn,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus bha Sàrah beò ceud agus seachd-bliadhna-fichead; b’iad seo bliadhnachan beatha Shàrah.

A‑nis ann an làithean Ahasueruis (is e seo an t‑Ahasuerus a rìghich o India gu ruig Etiopia, os cionn ceud agus seachd-ar‑fhichead mòr-roinn);

Uime sin ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an àm sin anns an treas mìos (is e sin mìos Shibhain), air an treas-là‑fichead dheth; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Mordecai, a‑chum nan Iùdhach, agus a‑chum an àrd-luchd-riaghlaidh, agus nan ceannard agus uachdaran nam mòr-roinn a tha o India gu Etiopia, ceud, fichead agus seachd mòr-roinn a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain, agus a‑chum nan Iùdhach a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an cànain.

Oir feuch, sgriosar iadsan a thèid fada uat; gheàrr thu as gach neach a chaidh uat le strìopachas.

Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh.

An sin thubhairt Heseciah ri Isaiah, Is math facal an Tighearna a labhair thu; oir thubhairt e gum bi sìth agus fìrinn ann rè mo làithean-sa.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Trasg a’ cheathramh mìos, agus trasg a’ chòigeamh, agus trasg an t‑seachdamh, agus trasg an deicheamh, bidh do thaigh Iùdah nan aoibhneas agus nan gàirdeachas, agus nam fèillean subhach; a‑mhàin gràdhaichibh-se fìrinn agus sìochaint.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan