Esteir 9:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thug uile uachdarain nam mòr-roinn agus an t‑àrd-luchd-riaghlaidh, agus na ceannardan, agus iadsan a rinn gnothaichean an rìgh, urram do na h‑Iùdhaich; oir thuit eagal Mhordecai orra: Faic an caibideil |
Agus ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an treas-là‑deug den chiad mhìos; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Hàman, a‑chum àrd-luchd-riaghlaidh an rìgh, agus a‑chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr-roinne, agus a‑chum cinn-feadhna gach sluaigh, a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain: ann an ainm an rìgh Ahasuerus sgrìobhadh e agus sheulaicheadh e le fàinne an rìgh.
Agus thubhairt i, Mas math leis an rìgh, agus ma fhuair mise deagh-ghean na làthair, agus ma tha an nì ceart am fianais an rìgh, agus ma tha mi taitneach na shùilean, sgrìobhar a ghairm air an ais nan litrichean a dhealbhadh le Hàman mac Hamedata an t‑Agagach, a sgrìobh e a‑chum na h‑Iùdhaich a tha ann an uile mhòr-roinnean an rìgh a sgrios:
Uime sin ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an àm sin anns an treas mìos (is e sin mìos Shibhain), air an treas-là‑fichead dheth; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Mordecai, a‑chum nan Iùdhach, agus a‑chum an àrd-luchd-riaghlaidh, agus nan ceannard agus uachdaran nam mòr-roinn a tha o India gu Etiopia, ceud, fichead agus seachd mòr-roinn a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain, agus a‑chum nan Iùdhach a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an cànain.
An sin chuir Nebuchadnesar an rìgh fios a‑chum gun cruinnichte ri chèile na prionnsachan, na fir-riaghlaidh, agus na cinn-fheadhna, na britheamhan, luchd-coimhead an ionmhais, na comhairlichean, na fir-lagha, agus uile luchd-riaghlaidh nam mòr-roinn, gu teachd a‑chum coisrigeadh na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar an rìgh suas.