Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 9:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sgrìobh a’ bhànrighinn Ester nighean Abihail, agus Mordecai an t‑Iùdhach, leis an uile ùghdarras, a dhaingneachadh dara litir seo Phurim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig àm Esteir, nighean Abihail, bràthair-athar Mhordecai (a ghabh da ionnsaigh i mar a nighean fhèin) gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, cha d’iarr i nì air bith ach na dh’òrdaich Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban: agus fhuair Ester gean-math nan sùilean-san uile a dh’amhairc oirre.

Chaidh na gillean-ruith a‑mach, air an greasadh le àithne an rìgh; agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt: agus shuidh an rìgh agus Hàman sìos a dh’òl; ach bha am baile Susan fo amhluadh.

Agus sgrìobh e ann an ainm an rìgh Ahasuerus, agus sheulaich e le fàinne an rìgh, agus chuir e litrichean le làimh theachdairean air eich, a’ marcachd air eich luatha, agus air muileidean, sliochd nan capall;

Agus sgrìobh Mordecai na nithean seo, agus chuir e litrichean a‑chum nan Iùdhach uile a bha ann an uile mhòr-roinnean an rìgh Ahasueruis, am fad is am fagas;

A‑chum a shuidheachadh nam measg, gun cumadh iad an ceathramh-là‑deug de mhìos Adair, agus an còigeamh-là‑deug dheth gach bliadhna.

Agus gum biodh na làithean sin air an cuimhneachadh, agus air an cumail air feadh gach àite, gach teaghlaich, gach mòr-roinne, agus gach baile; agus nach leigte sìos làithean sin Phurim am measg nan Iùdhach, agus nach rachadh as dan cuimhne on sliochd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan