Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 9:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gum biodh na làithean sin air an cuimhneachadh, agus air an cumail air feadh gach àite, gach teaghlaich, gach mòr-roinne, agus gach baile; agus nach leigte sìos làithean sin Phurim am measg nan Iùdhach, agus nach rachadh as dan cuimhne on sliochd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus na dìochuimhnich a thìodhlacan uile.

An sin gum freagair sibh iad, Gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile ro àirc coicheangal an Tighearna; nuair a chaidh i thar Iòrdan, gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile: agus bidh na clachan seo nan cuimhneachan do chloinn Israeil gu bràth.

Agus bidh crùn aig Helem, agus aig Tobiah, agus aig Iedaiah, agus aig Hen mac Shephaniah, mar chuimhneachan ann an teampall an Tighearna.

Agus cumaidh sibh fèill an arain neo-ghortaichte; oir air an là sin fhèin thug mise a‑mach ur slòigh à tìr na h‑Eiphit; uime sin coimheadaidh sibh an là seo nur ginealaichean, le òrdagh sìorraidh.

Shuidhich na h‑Iùdhaich, agus ghabh iad orra fhèin, agus air an sliochd, agus orrasan uile a leanadh riu, air chor is nach rachte thairis air, gun cumadh iad an dà là sin a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an àm, anns gach bliadhna:

Agus sgrìobh a’ bhànrighinn Ester nighean Abihail, agus Mordecai an t‑Iùdhach, leis an uile ùghdarras, a dhaingneachadh dara litir seo Phurim.

Molaidh àl do àl do ghnìomharan, agus cuiridh iad an cèill d’obraichean cumhachdach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan