Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 9:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A chionn gun do smaoinich Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, nàmhaid nan Iùdhach uile, an aghaidh nan Iùdhach a‑chum an sgrios, agus gun do thilg e Pur (is e sin, crannchur) a‑chum an dìtheachadh agus an sgrios.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair iad an rìgh, An duine a chuir as dhuinn, agus a smaoinich nar n‑aghaidh sinn a bhith air ar sgrios, air chor is nach fanamaid ann an crìch air bith de Israel;

An dèidh nan nithean sin rinn an rìgh Ahasuerus Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, na dhuine mòr, agus dh’àrdaich e e, agus chuir e a àite-suidhe os cionn nan uachdaran uile a bha maille ris.

Deich mic Hàmain mhic Hamedata, nàmhaid nan Iùdhach, mharbh iad: ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh.

Agus ghabh na h‑Iùdhaich os làimh dèanamh mar a thòisich iad, agus mar a sgrìobh Mordecai dan ionnsaigh;

Anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh, bidh an tarrang a bha air a suidheachadh ann an àite daingeann air a h‑atharrachadh; agus gearrar sìos i, agus tuitidh i; agus gearrar an eallach a bha oirre air falbh; oir labhair an Tighearna e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan