Anns a’ chiad mhìos (is e sin mìos Nisain) anns an dara-bliadhna-deug de rìgh Ahasuerus, thilgeadh Pur, is e sin an crannchur, an làthair Hàmain, o là gu là, agus o mhìos gu mìos, gus an dara-mìos-deug, is e sin mìos Adair.
Air an treas-là‑deug de mhìos Adair rinn iad mar seo: agus bha fois aca air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos cheudna, agus rinn iad e na là cuirme agus aoibhneis.
Ach chruinnich na h‑Iùdhaich a bha ann an Susan iad fhèin an ceann a chèile air an treas-là‑deug, agus air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos; agus bha fois aca air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos cheudna, agus rinn iad e na là cuirme agus aoibhneis.
Agus sgrìobh Mordecai na nithean seo, agus chuir e litrichean a‑chum nan Iùdhach uile a bha ann an uile mhòr-roinnean an rìgh Ahasueruis, am fad is am fagas;
A rèir nan làithean anns an d’fhuair na h‑Iùdhaich fois on naimhdean, agus a’ mhìos a dh’iompaicheadh dhaibh o thùirse gu aoibhneas, agus o bhròn gu àm math; gun dèanadh iad iad nan làithean cuirme, agus aoibhneis, agus a chur chuibhreann a‑chum a chèile, agus thìodhlacan a‑chum nam bochd.
Shuidhich na h‑Iùdhaich, agus ghabh iad orra fhèin, agus air an sliochd, agus orrasan uile a leanadh riu, air chor is nach rachte thairis air, gun cumadh iad an dà là sin a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an àm, anns gach bliadhna: