Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 9:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sgrìobh Mordecai na nithean seo, agus chuir e litrichean a‑chum nan Iùdhach uile a bha ann an uile mhòr-roinnean an rìgh Ahasueruis, am fad is am fagas;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Cuimhnichibh a obraichean iongantach a rinn e, a chomharraidhean agus breitheanais a bheòil;

A‑nis ann an làithean Ahasueruis (is e seo an t‑Ahasuerus a rìghich o India gu ruig Etiopia, os cionn ceud agus seachd-ar‑fhichead mòr-roinn);

Agus chuir e litrichean a dh’ionnsaigh uile mhòr-roinnean an rìgh, a dh’ionnsaigh gach mòr-roinne a rèir a sgrìobhaidh, agus a dh’ionnsaigh gach sluaigh a rèir an cànain, gum biodh gach fear na uachdaran na thaigh fhèin; agus gum biodh seo air fhoillseachadh a rèir cànan gach sluaigh.

Agus ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an treas-là‑deug den chiad mhìos; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Hàman, a‑chum àrd-luchd-riaghlaidh an rìgh, agus a‑chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr-roinne, agus a‑chum cinn-feadhna gach sluaigh, a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain: ann an ainm an rìgh Ahasuerus sgrìobhadh e agus sheulaicheadh e le fàinne an rìgh.

Uime sin ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an àm sin anns an treas mìos (is e sin mìos Shibhain), air an treas-là‑fichead dheth; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Mordecai, a‑chum nan Iùdhach, agus a‑chum an àrd-luchd-riaghlaidh, agus nan ceannard agus uachdaran nam mòr-roinn a tha o India gu Etiopia, ceud, fichead agus seachd mòr-roinn a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain, agus a‑chum nan Iùdhach a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an cànain.

Uime sin rinn Iùdhaich nam bailtean beaga, a bha nan còmhnaidh ann am bailtean nam mòr-roinn, an ceathramh-là‑deug de mhìos Adair na là aoibhneis, agus cuirme, agus na là math, agus a chur chuibhreann a‑chum a chèile.

A‑chum a shuidheachadh nam measg, gun cumadh iad an ceathramh-là‑deug de mhìos Adair, agus an còigeamh-là‑deug dheth gach bliadhna.

Uime sin thug iad Purim mar ainm air na làithean sin, a rèir ainm Phuir. Air an adhbhar sin, airson uile bhriathran na litreach sin, agus na chunnaic iad a‑thaobh an nì seo, agus na thachair dhaibh,

Shuidhich na h‑Iùdhaich, agus ghabh iad orra fhèin, agus air an sliochd, agus orrasan uile a leanadh riu, air chor is nach rachte thairis air, gun cumadh iad an dà là sin a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an àm, anns gach bliadhna:

Agus sgrìobh a’ bhànrighinn Ester nighean Abihail, agus Mordecai an t‑Iùdhach, leis an uile ùghdarras, a dhaingneachadh dara litir seo Phurim.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh seo mar chuimhneachan ann an leabhar, agus aithris e ann an cluasan Iosua; oir dubhaidh mise as gu tur cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh.

A‑nis is iad seo briathran na litreach a chuir am fàidh Ieremiah o Ierusalem gus a’ chuid eile de na seanairean a thugadh air falbh ann am braighdeanas, agus gus na sagartan, agus gus na fàidhean, agus gus an uile shluagh a thug Nebuchadnesar air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem gu Bàbilon;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan