Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 9:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin rinn Iùdhaich nam bailtean beaga, a bha nan còmhnaidh ann am bailtean nam mòr-roinn, an ceathramh-là‑deug de mhìos Adair na là aoibhneis, agus cuirme, agus na là math, agus a chur chuibhreann a‑chum a chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus anns gach mòr-roinn, agus anns gach baile, ge bè àite don tàinig àithne an rìgh agus a òrdagh, bha aoibhneas agus gàirdeachas aig na h‑Iùdhaich, cuirm, agus là math. Agus dh’fhàs mòran de shluagh na tìre nan Iùdhaich: oir thuit eagal nan Iùdhach orra.

Agus sgrìobh Mordecai na nithean seo, agus chuir e litrichean a‑chum nan Iùdhach uile a bha ann an uile mhòr-roinnean an rìgh Ahasueruis, am fad is am fagas;

A rèir nan làithean anns an d’fhuair na h‑Iùdhaich fois on naimhdean, agus a’ mhìos a dh’iompaicheadh dhaibh o thùirse gu aoibhneas, agus o bhròn gu àm math; gun dèanadh iad iad nan làithean cuirme, agus aoibhneis, agus a chur chuibhreann a‑chum a chèile, agus thìodhlacan a‑chum nam bochd.

Agus thubhairt e ris, Ruith, labhair ris an òganach sin, ag ràdh, Bidh Ierusalem air a h‑àiteachadh mar bhailtean gun bhallachan, le lìonmhorachd nan daoine agus na sprèidhe a bhios innte.

Ach thugaibh uaibh dèirc de na nithean a tha agaibh: agus, feuch, tha na h‑uile nithean glan dhuibh.

Ma bhios nur measg duine bochd, aon ded bhràithrean, an taobh a‑staigh aon ded gheatachan, ann ad fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut, cha chruadhaich thu do chridhe, cha mhò a dhruideas tu do làmh od bhràthair bochd;

Agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha nur measg, anns an ionad a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann.

Agus nì thu gàirdeachas ad fhèill, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan.

Bha na bailtean sin uile air an daingneachadh le balla àrd, le geatachan agus le crainn, a thuilleadh air bailtean gun bhalla, ro‑mhòran.

Agus nì luchd-àiteachaidh na talmhainn gàirdeachas os an cionn, agus bidh iad subhach, agus cuiridh iad tìodhlacan a dh’ionnsaigh a chèile; do bhrìgh gun do phian an dà fhàidh seo iadsan a bha a chòmhnaidh air an talamh.

Feòraich ded òganaich, agus innsidh iad dhut: faigheadh, matà, na h‑òganaich deagh-ghean ad shùilean, oir air là math thàinig sinn: thoir, guidheam ort, dod sheirbhisich agus dod mhac Daibhidh ge bè nì a thig a dh’ionnsaigh do làimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan