Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 9:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach chruinnich na h‑Iùdhaich a bha ann an Susan iad fhèin an ceann a chèile air an treas-là‑deug, agus air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos; agus bha fois aca air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos cheudna, agus rinn iad e na là cuirme agus aoibhneis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Anns an tug an rìgh cead do na h‑Iùdhaich, a bha anns gach baile, cruinneachadh an ceann a chèile, agus seasamh airson an anama, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do uile neart sluaigh agus mòr-roinne a thigeadh nan aghaidh, araon an clann bheag agus am mnathan, agus an creach a thogail,

A‑nis anns a dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair), air an treas-là‑deug den mhìos air an robh àithne an rìgh agus a òrdagh gu bhith air an coileanadh, air an là anns an robh dùil aig naimhdean nan Iùdhach cumhachd fhaghail os an cionn (ged thachair, air a’ chaochladh, gu robh aig na h‑Iùdhaich cumhachd os an cionn-san a dh’fhuathaich iad),

Air an là sin thugadh àireamh na muinntir a mharbhadh ann an Susan an lùchairt an làthair an rìgh.

Agus thubhairt Ester, Mas math leis an rìgh, thugar comas do na h‑Iùdhaich a tha ann an Susan dèanamh mar an ceudna a‑màireach a rèir òrdagh an là‑an‑diugh, agus crochar deich mic Hàmain air a’ chroich.

Agus chruinnich na h‑Iùdhaich a bha ann an Susan an ceann a chèile mar an ceudna air a’ cheathramh-là‑deug de mhìos Adair, agus mharbh iad ann an Susan trì cheud fear; ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh.

Chruinnich na h‑Iùdhaich iad fhèin an ceann a chèile nam bailtean, ann an uile mhòr-roinnean an rìgh Ahasuerus, gu làmh a chur anntasan a dh’iarr an cron; agus cha b’urrainn duine air bith seasamh nan aghaidh, oir thuit an eagal air gach uile shluagh.

A‑chum a shuidheachadh nam measg, gun cumadh iad an ceathramh-là‑deug de mhìos Adair, agus an còigeamh-là‑deug dheth gach bliadhna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan