Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 9:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an là sin thugadh àireamh na muinntir a mharbhadh ann an Susan an lùchairt an làthair an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Deich mic Hàmain mhic Hamedata, nàmhaid nan Iùdhach, mharbh iad: ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh.

Agus thubhairt an rìgh ri Ester a’ bhànrighinn, Mharbh na h‑Iùdhaich agus sgrios iad còig ceud fear ann an Susan an lùchairt, agus deich mic Hàmain: agus anns a’ chuid eile de mhòr-roinnean an rìgh ciod a rinn iad? Ach ciod i d’athchuinge? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas os bàrr? Agus nìthear e.

Ach chruinnich na h‑Iùdhaich a bha ann an Susan iad fhèin an ceann a chèile air an treas-là‑deug, agus air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos; agus bha fois aca air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos cheudna, agus rinn iad e na là cuirme agus aoibhneis.

Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr-roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan