Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 9:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Deich mic Hàmain mhic Hamedata, nàmhaid nan Iùdhach, mharbh iad: ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Nach gabh mi o shnàthainn eadhon gu èill bròige, agus nach gabh mi a’ bheag de aon nì as leatsa, a‑chum is nach abair thu, Rinn mi Abram beartach:

Thàinig mic Iàcoib air na mairbh, agus chreach iad am baile, a chionn gun do thruaill iad am piuthar.

An dèidh nan nithean sin rinn an rìgh Ahasuerus Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, na dhuine mòr, agus dh’àrdaich e e, agus chuir e a àite-suidhe os cionn nan uachdaran uile a bha maille ris.

Agus chuireadh na litrichean le làimh ghillean-ruith gu uile mhòr-roinnean an rìgh, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do na h‑Iùdhaich uile, eadar òg agus shean, chlann bheag agus mhnathan, ann an aon là, air an treas-là‑deug den dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair), agus am feudail a thogail mar chreich.

Agus chuir Hàman an cèill dhaibh mòrachd a bheartais, agus lìonmhorachd a mhac, agus gach nì leis an do rinn an rìgh mòr e, agus mar a dh’àrdaich e e os cionn nan uachdaran, agus seirbhisich an rìgh.

Oir reiceadh sinn, mise agus mo shluagh, gu bhith air ar dìtheachadh, air ar marbhadh, agus air ar lèirsgrios: ach nam b’ann mar thràillean agus mar bhan-tràillean a reiceadh sinn, bhithinn am thosd, ged nach b’urrainn an nàmhaid call an rìgh a dhèanamh suas.

Agus thubhairt Ester, Is e an t‑eascaraid agus an nàmhaid Hàman an droch dhuine seo. Agus bha eagal air Hàman an làthair an rìgh agus na bànrighinn.

Anns an tug an rìgh cead do na h‑Iùdhaich, a bha anns gach baile, cruinneachadh an ceann a chèile, agus seasamh airson an anama, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do uile neart sluaigh agus mòr-roinne a thigeadh nan aghaidh, araon an clann bheag agus am mnathan, agus an creach a thogail,

Air an là sin thugadh àireamh na muinntir a mharbhadh ann an Susan an lùchairt an làthair an rìgh.

Agus Parmasta, agus Arisai, agus Aridai, agus Bhaiesata,

An toradh sgriosaidh tu on talamh, agus an sliochd o chloinn nan daoine.

Oir thubhairt e, Do bhrìgh gun do mhionnaich an Tighearna gum bi cogadh aig an Tighearna ri Amalec o linn gu linn.

Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

Agus dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo na daoine sin a rinn casaid air Daniel, agus thilg iad iad do gharaidh nan leòmhann, iad fhèin, an clann, agus am mnathan; agus thug na leòmhainn buaidh orra, agus bhris iad an cnàmhan uile nam bloighdean, mun do ràinig iad ìochdar na garaidh.

Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine.

Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan