Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 9:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis anns a dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair), air an treas-là‑deug den mhìos air an robh àithne an rìgh agus a òrdagh gu bhith air an coileanadh, air an là anns an robh dùil aig naimhdean nan Iùdhach cumhachd fhaghail os an cionn (ged thachair, air a’ chaochladh, gu robh aig na h‑Iùdhaich cumhachd os an cionn-san a dh’fhuathaich iad),

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus mo naimhdean thug thu dhomh air mhuineal; iadsan a dh’fhuathaich mi, agus gheàrr mi as iad.

Agus chuireadh na litrichean le làimh ghillean-ruith gu uile mhòr-roinnean an rìgh, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do na h‑Iùdhaich uile, eadar òg agus shean, chlann bheag agus mhnathan, ann an aon là, air an treas-là‑deug den dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair), agus am feudail a thogail mar chreich.

Anns a’ chiad mhìos (is e sin mìos Nisain) anns an dara-bliadhna-deug de rìgh Ahasuerus, thilgeadh Pur, is e sin an crannchur, an làthair Hàmain, o là gu là, agus o mhìos gu mìos, gus an dara-mìos-deug, is e sin mìos Adair.

Air aon là ann an uile mhòr-roinnean an rìgh Ahasuerus, air an treas-là‑deug den dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair).

Oir cionnas as urrainn mi amharc air an olc a thig air mo shluagh? Agus cionnas as urrainn mi amharc air sgrios mo luchd-dàimh?

Air an treas-là‑deug de mhìos Adair rinn iad mar seo: agus bha fois aca air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos cheudna, agus rinn iad e na là cuirme agus aoibhneis.

Agus thug thu dhomh mo naimhdean air mhuineal, iadsan a dh’fhuathaich mi, agus gheàrr mi as iad.

Thionndaidh thu dhòmhsa mo bhròn gu dannsa; chuir thu dhìom m’aodach-saic, agus chrioslaich thu mi le aoibhneas;

Agus nuair a thàinig Peadar da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, A‑nis tha fhios agam gu fìrinneach gun do chuir an Tighearna aingeal uaithe, agus gun do shaor e mi o làimh Heroid, agus o uile dhùil poball nan Iùdhach.

Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach, nuair a chì e gun d’fhalbh an neart, agus nach eil neach dhiubh air a dhruideadh suas, no air fhàgail.

Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan