Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 8:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an àm sin anns an treas mìos (is e sin mìos Shibhain), air an treas-là‑fichead dheth; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Mordecai, a‑chum nan Iùdhach, agus a‑chum an àrd-luchd-riaghlaidh, agus nan ceannard agus uachdaran nam mòr-roinn a tha o India gu Etiopia, ceud, fichead agus seachd mòr-roinn a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain, agus a‑chum nan Iùdhach a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an cànain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Eliacim mac Hilciah, agus Sebna, agus Ioah, ri Rab-saceh, Labhair, guidheam ort, rid sheirbhisich anns a’ chainnt Shirianaich, oir tuigidh sinn i; agus na labhair rinn anns a’ chainnt Iùdhaich an cluasan an t‑sluaigh a tha air a’ bhalla.

Agus chruinnich iad an ceann a chèile aig Ierusalem anns an treas mìos, anns a’ chòigeamh-bliadhna-deug de rìoghachadh Asa.

A‑nis ann an làithean Ahasueruis (is e seo an t‑Ahasuerus a rìghich o India gu ruig Etiopia, os cionn ceud agus seachd-ar‑fhichead mòr-roinn);

Agus chuir e litrichean a dh’ionnsaigh uile mhòr-roinnean an rìgh, a dh’ionnsaigh gach mòr-roinne a rèir a sgrìobhaidh, agus a dh’ionnsaigh gach sluaigh a rèir an cànain, gum biodh gach fear na uachdaran na thaigh fhèin; agus gum biodh seo air fhoillseachadh a rèir cànan gach sluaigh.

Agus chuir an rìgh Ahasuerus cìs air an tìr, agus air eileanan na mara.

Nebuchadnesar an rìgh a‑chum nan uile shluagh, fhineachan agus theangannan a tha a chòmhnaidh air an talamh uile: Gum meudaichear sìth dhuibh.

B’i toil Dhariuis ceud agus fichead uachdaran a chur os cionn na rìoghachd, muinntir a bhiodh os cionn na rìoghachd uile;

An sin sgrìobh Darius a‑chum nan uile shluagh, chinneach agus chànainean a tha a chòmhnaidh air an talamh uile, Gu robh sìth air a meudachadh dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan