Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 8:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sgrìobhaibh-se mar an ceudna airson nan Iùdhach, mar as math leibh, ann an ainm an rìgh, agus seulaichibh le fàinne an rìgh: oir an sgrìobhadh a sgrìobhar ann an ainm an rìgh, agus a sheulaichear le fàinne an rìgh, chan fhaodar a chur air ais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus sgrìobh i litrichean ann an ainm Ahaib, agus sheulaich i iad le a sheula; agus chuir i na litrichean a dh’ionnsaigh nan seanair, agus a dh’ionnsaigh nan uaislean a bha a chòmhnaidh maille ri Nàbot na bhaile.

Mas math leis an rìgh, thigeadh àithne rìoghail a‑mach uaithe, agus sgrìobhar i am measg laghannan nam Persianach agus nam Mèdach, a‑chum nach atharraichear i, Nach tig Bhasti nas mò an làthair an rìgh Ahasueruis, agus gun toir an rìgh a h‑inbhe rìoghail do mhnaoi eile as fheàrr na ise.

Agus ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an treas-là‑deug den chiad mhìos; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Hàman, a‑chum àrd-luchd-riaghlaidh an rìgh, agus a‑chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr-roinne, agus a‑chum cinn-feadhna gach sluaigh, a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain: ann an ainm an rìgh Ahasuerus sgrìobhadh e agus sheulaicheadh e le fàinne an rìgh.

Agus sgrìobh e ann an ainm an rìgh Ahasuerus, agus sheulaich e le fàinne an rìgh, agus chuir e litrichean le làimh theachdairean air eich, a’ marcachd air eich luatha, agus air muileidean, sliochd nan capall;

Agus thubhairt i, Mas math leis an rìgh, agus ma fhuair mise deagh-ghean na làthair, agus ma tha an nì ceart am fianais an rìgh, agus ma tha mi taitneach na shùilean, sgrìobhar a ghairm air an ais nan litrichean a dhealbhadh le Hàman mac Hamedata an t‑Agagach, a sgrìobh e a‑chum na h‑Iùdhaich a tha ann an uile mhòr-roinnean an rìgh a sgrios:

A‑nis, O rìgh, daingnich an t‑òrdagh agus seulaich an sgrìobhadh, a‑chum nach caochlaidhear e, a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach fhaodar atharrachadh.

Gidheadh, tha bunait Dhè a’ seasamh daingeann, aig a bheil an seula seo, Is aithne don Tighearna an dream sin as leis. Agus, gach neach a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, trèigeadh e eucoir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan