Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 8:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair Ester a‑rìs an làthair an rìgh, agus thuit i sìos aig a chasan, agus ghuil i, agus ghuidh i air gun cuireadh e air falbh olc Hàmain an t‑Agagach, agus a ais-innleachd a dhealbh e an aghaidh nan Iùdhach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh an duine le Dia a‑chum an t‑slèibh, rug i air a chasan; ach thàinig Gehasi am fagas gus a cur air falbh. Agus thubhairt an duine le Dia, Leig dhi, oir tha a h‑anam air a chràdh innte; agus cheil an Tighearna ormsa e, agus cha d’innis e dhomh.

An dèidh nan nithean sin rinn an rìgh Ahasuerus Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, na dhuine mòr, agus dh’àrdaich e e, agus chuir e a àite-suidhe os cionn nan uachdaran uile a bha maille ris.

Oir reiceadh sinn, mise agus mo shluagh, gu bhith air ar dìtheachadh, air ar marbhadh, agus air ar lèirsgrios: ach nam b’ann mar thràillean agus mar bhan-tràillean a reiceadh sinn, bhithinn am thosd, ged nach b’urrainn an nàmhaid call an rìgh a dhèanamh suas.

Agus thug an rìgh dheth a fhàinne a thug e o Hàman, agus thug e e do Mhordecai. Agus chuir Ester Mordecai os cionn taigh Hàmain.

Agus shìn an rìgh a‑mach an t‑slat-òir rìoghail gu Ester. Agus dh’èirich Ester, agus sheas i an làthair an rìgh.

An sin thionndaidh Heseciah a aghaidh ris a’ bhalla, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna;

Seadh, bha cumhachd aige maille ris an aingeal; agus thug e buaidh: ghuil e, agus rinn e guidhe ris: fhuair e ann am Betel e, agus an sin labhair e ris.

Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd-èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.

Agus thuit i aig a chasan, agus thubhairt i, Ormsa, eadhon ormsa, mo thighearna, biodh an cionta seo, agus labhradh, guidheam ort, do bhanoglach ann ad èisdeachd, agus cluinn briathran do bhanoglaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan