Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 8:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sgrìobh e ann an ainm an rìgh Ahasuerus, agus sheulaich e le fàinne an rìgh, agus chuir e litrichean le làimh theachdairean air eich, a’ marcachd air eich luatha, agus air muileidean, sliochd nan capall;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus sgrìobh i litrichean ann an ainm Ahaib, agus sheulaich i iad le a sheula; agus chuir i na litrichean a dh’ionnsaigh nan seanair, agus a dh’ionnsaigh nan uaislean a bha a chòmhnaidh maille ri Nàbot na bhaile.

Eòrna mar an ceudna agus connlach do na h‑eich, agus do na dromadairean, thug iad a dh’ionnsaigh an àit anns an robh an luchd-dreuchd, gach fear a rèir a òrdaigh fhèin.

Agus chaidh na gillean-ruith le litrichean on rìgh agus o a uachdarain air feadh Israeil uile agus Iùdah, agus a rèir àithne an rìgh, ag ràdh, A chlann Israeil, tillibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, agus tillidh esan a dh’ionnsaigh na fuidhill dhibh a chaidh as o làimh rìghrean Asiria.

Sgrìobhaibh-se mar an ceudna airson nan Iùdhach, mar as math leibh, ann an ainm an rìgh, agus seulaichibh le fàinne an rìgh: oir an sgrìobhadh a sgrìobhar ann an ainm an rìgh, agus a sheulaichear le fàinne an rìgh, chan fhaodar a chur air ais.

Bha mo làithean na bu luaithe na gille-ruith: theich iad air falbh, chan fhaca iad math.

Far a bheil facal rìgh, tha cumhachd; agus cò a dh’fhaodas a ràdh ris, Ciod e sin a tha thu a’ dèanamh?

Còmhdaichear thu le lìonmhorachd nan càmhal, le dromadairean Mhidiain agus Ephah; thig iad uile o Shèba; òr agus tùis giùlainidh iad, agus cliù an Tighearna cuiridh iad an cèill.

Agus bheir iad ur bràithrean uile, as gach cinneach, mar thabhartas don Tighearna; air eich agus air carbadan agus air uirighean, air muileidean, agus air ainmhidhean luath-chasach; gum shliabh naomh-sa Ierusalem, deir an Tighearna; amhail a bheir clann Israeil tabhartas ann an soitheach glan gu taigh an Tighearna.

Cionnas a dh’fhaodas tu ràdh, Chan eil mi salach, cha deachaidh mi an dèidh Bhàalim? Feuch do shlighe anns a’ ghleann; aithnich ciod a rinn thu. Tha thu mar dhromadaraidh luath ag imeachd na slighe;

Agus leatsa brisidh mi nam bloighdean an t‑each agus a mharcach; agus leatsa brisidh mi na bhloighdean an carbad, agus esan a shuidheas air:

Nebuchadnesar an rìgh a‑chum nan uile shluagh, fhineachan agus theangannan a tha a chòmhnaidh air an talamh uile: Gum meudaichear sìth dhuibh.

A‑nis, O rìgh, daingnich an t‑òrdagh agus seulaich an sgrìobhadh, a‑chum nach caochlaidhear e, a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach fhaodar atharrachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan