Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 8:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an là sin thug an rìgh Ahasuerus taigh Hàmain, eascaraid nan Iùdhach, do Ester a’ bhànrighinn; agus thàinig Mordecai an làthair an rìgh: oir dh’innis Ester ciod a b’e a dhàimh dhi:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus làimh ris bha Carsena, Seta, Admata, Tarsis, Meres, Marsena, agus Memucan, seachd uachdarain Phersia agus Mhedia, a bha a’ faicinn gnùis an rìgh, agus a shuidh air thoiseach anns an rìoghachd),

Agus nuair a thàinig àm Esteir, nighean Abihail, bràthair-athar Mhordecai (a ghabh da ionnsaigh i mar a nighean fhèin) gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, cha d’iarr i nì air bith ach na dh’òrdaich Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban: agus fhuair Ester gean-math nan sùilean-san uile a dh’amhairc oirre.

Agus dh’àraich e Hadasah (b’i sin Ester), nighean bràthair a athar, oir cha robh athair no màthair aice; agus bha an òigh maiseach na cruth, agus sgiamhach na gnùis: agus nuair a dh’eug a h‑athair agus a màthair, ghabh Mordecai da ionnsaigh i mar a nighean fhèin.

Agus thubhairt Ester, Is e an t‑eascaraid agus an nàmhaid Hàman an droch dhuine seo. Agus bha eagal air Hàman an làthair an rìgh agus na bànrighinn.

An sin thubhairt an rìgh Ahasuerus ri Ester a’ bhànrighinn, agus ri Mordecai an t‑Iùdhach, Feuch, taigh Hàmain thug mi do Ester, agus esan chroch iad air a’ chroich, a chionn gun do chuir e a làmh anns na h‑Iùdhaich.

Gu deimhinn, tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh dìomhain; gu deimhinn, cuirear mì‑shuaimhneas orra gu faoin; càrnaidh neach suas beartas, gun fhios aige cò a mhealas e.

Fàgaidh duine math oighreachd aig cloinn a chloinne; ach taisgear don fhìrean maoin a’ pheacaich.

An tì a mheudaicheas a mhaoin le ocar agus le tairbhe eucoraich, cruinnichidh e dhàsan a ghabhas truas den bhochd.

Ach thubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhche seo fhèin iarrar d’anam uat: an sin cò dha a bhuineas na nithean sin a dh’ullaich thu?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan