Esteir 7:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt Harbonah, aon de na caillteanaich, an làthair an rìgh, Feuch, tha mar an ceudna a’ chroich a rinn Hàman do Mhordecai, a labhair math airson an rìgh, na seasamh ann an taigh Hàmain, lethcheud làmh-choille air àirde. Agus thubhairt an rìgh, Crochaibh e oirre. Faic an caibideil |
Agus thubhairt Seres a bhean ris, agus a chàirdean uile, Dèanar croich lethcheud làmh-choille air àirde, agus anns a’ mhadainn labhair ris an rìgh gun crochar Mordecai oirre; agus gabh a‑steach maille ris an rìgh a dh’ionnsaigh na cuirme gu subhach. Agus thaitinn an nì ri Hàman, agus thug e fa‑near a’ chroich a bhith air a dèanamh.
Ghabh uile uachdarain na rìoghachd, an luchd-riaghlaidh, agus na prionnsachan, na comhairlichean agus na cinn-fheadhna, comhairle le chèile gu reachd rìoghail a dhaingneachadh, agus òrdagh làidir a dhèanamh, ge bè a dh’iarras athchuinge air bith air aon dia no duine rè deich-làithean-fichead, ach ortsa, O rìgh, gun tilgear e ann an garaidh nan leòmhann.