Agus nuair a chuala ar naimhdean uile e, agus a chunnaic na cinnich uile a bha mun cuairt dhuinn e, thilgeadh sìos gu mòr iad nan sùilean fhèin; oir dh’aithnich iad gum b’ann le ar Dia-ne a rinneadh an obair seo.
Agus fhreagair rìgh Ahasuerus, agus thubhairt e ri Ester a’ bhànrighinn, Cò e seo? Agus càit a bheil esan, aig an robh de dhànadas na chridhe dèanamh mar sin?
Air an là sin thug an rìgh Ahasuerus taigh Hàmain, eascaraid nan Iùdhach, do Ester a’ bhànrighinn; agus thàinig Mordecai an làthair an rìgh: oir dh’innis Ester ciod a b’e a dhàimh dhi:
Ma chì thu fòirneart an duine bhochd, agus fiaradh breitheanais agus ceartais le làimh làidir ann am mòr-roinn, na biodh ioghnadh ort ris an nì seo: oir bheir an tì as àirde na an neach a tha àrd acasan an aire, agus tha iad ann as àirde na iadsan.