Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 7:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir reiceadh sinn, mise agus mo shluagh, gu bhith air ar dìtheachadh, air ar marbhadh, agus air ar lèirsgrios: ach nam b’ann mar thràillean agus mar bhan-tràillean a reiceadh sinn, bhithinn am thosd, ged nach b’urrainn an nàmhaid call an rìgh a dhèanamh suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis mar fheòil ar bràithrean tha ar feòil-ne, mar am mic-san ar mic-ne; ach feuch, tha sinn a’ toirt thairis ar mac agus ar nigheanan gu bhith nan tràillean, agus tha cuid de ar nigheanan air an toirt thairis cheana, agus gun chomas againn am fuasgladh, nuair a tha ar fearann agus ar fìon-liosan aig daoine eile.

Agus chuireadh na litrichean le làimh ghillean-ruith gu uile mhòr-roinnean an rìgh, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do na h‑Iùdhaich uile, eadar òg agus shean, chlann bheag agus mhnathan, ann an aon là, air an treas-là‑deug den dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair), agus am feudail a thogail mar chreich.

Mas toil leis an rìgh, sgrìobhar gum bi iad air an sgrios, agus ìocaidh mise deich mìle tàlann airgid dan làimh-san a nì an gnothach, a‑chum a thabhairt do ionmhasan an rìgh.

Agus fhreagair rìgh Ahasuerus, agus thubhairt e ri Ester a’ bhànrighinn, Cò e seo? Agus càit a bheil esan, aig an robh de dhànadas na chridhe dèanamh mar sin?

Agus thubhairt Ester, Is e an t‑eascaraid agus an nàmhaid Hàman an droch dhuine seo. Agus bha eagal air Hàman an làthair an rìgh agus na bànrighinn.

Anns an tug an rìgh cead do na h‑Iùdhaich, a bha anns gach baile, cruinneachadh an ceann a chèile, agus seasamh airson an anama, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do uile neart sluaigh agus mòr-roinne a thigeadh nan aghaidh, araon an clann bheag agus am mnathan, agus an creach a thogail,

Oir cionnas as urrainn mi amharc air an olc a thig air mo shluagh? Agus cionnas as urrainn mi amharc air sgrios mo luchd-dàimh?

Ach nuair a thàinig Ester an làthair an rìgh, dh’òrdaich e le litir gun tilleadh a ais-innleachd dhona a dhealbh e an aghaidh nan Iùdhach air a cheann fhèin, agus gum biodh esan agus a mhic air an crochadh air a’ chroich.

Agus os an cionn seo trì àrd-uachdarain (dem b’e Daniel a’ chiad aon), a‑chum gun tugadh na h‑uachdarain an cunntais dhaibh, agus nach biodh calldach air bith aig an rìgh.

Clann Iùdah fòs, agus clann Ierusaleim reic sibh ris na Greugaich, a‑chum gun atharraicheadh sibh iad am fad on crìch fhèin.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Israeil, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do reic iad am fìrean airson airgid, agus am bochd airson bhròg.

Ach ma their an seirbhiseach sin na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàile na theachd; agus ma thòisicheas e air na h‑òglaich agus na banoglaich a bhualadh, agus ithe, agus òl, agus a bhith air mhisg:

Agus bheir an Tighearna a‑rìs thu don Eiphit ann an longan, air an t‑slighe mun dubhairt mi riut, Chan fhaic thu a‑rìs i tuilleadh: agus an sin reicear sibh ri ur naimhdean mar thràillean agus mar bhan-tràillean, agus cha bhi neach ann gu ur ceannach.

A‑nis uime sin tha sibh mallaichte, agus cha saorar neach air bith dhibh o bhith nur tràillean, agus nur luchd-gearraidh fiodha, agus nur luchd-tarraing uisge airson taigh mo Dhè.

Fan thusa maille riumsa; na biodh eagal ort: oir esan a dh’iarras m’anam-sa iarraidh e d’anam-sa: ach maille riumsa bidh tu fo dhìdean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan