Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 7:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Ester a’ bhànrighinn, agus thubhairt i, Ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, a rìgh, agus mas math leis an rìgh, thugar dhomh m’anam air m’athchuinge, agus mo shluagh air m’iarrtas:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt a sheirbhisich ris, Feuch a‑nis, chuala sinn mu rìghrean taigh Israeil, gur rìghrean iochdmhor iad: cuireamaid, matà, sac-aodach air ar leasraidh, agus cùird air ar cinn, agus rachamaid a‑mach gu rìgh Israeil; theagamh gun saor e d’anam.

Agus a‑rìs chuir e uaithe ceannard an treas lethcheud, maille ra lethcheud: agus chaidh an treas ceannard lethcheud suas, agus thàinig e, agus leig e e fhèin air a ghlùinean fa chomhair Eliah, agus dh’aslaich e air, agus thubhairt e ris, A dhuine le Dia, biodh, guidheam ort, m’anam-sa, agus anam an lethcheud òglach seo agad, luachmhor ad shùilean.

Agus thug e dha dùblachadh sgrìobhadh an òrdaigh, a thugadh ann an Susan gus an sgrios, a‑chum a fheuchainn do Ester, agus a chur an cèill di, agus a dh’àithneadh dhi gun rachadh i a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, a dh’aslachadh air, agus a ghuidhe air as leth a sluaigh.

Ma fhuair mi deagh-ghean ann an sealladh an rìgh, agus mas math leis an rìgh m’athchuinge a dheònachadh, agus m’iarrtas a dhèanamh, thigeadh an rìgh agus Hàman a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaicheas mi dhaibh, agus a‑màireach nì mi a rèir facal an rìgh.

Agus dh’èirich an rìgh na fheirg o chuirm an fhìona agus chaidh e do lios na lùchairt; agus sheas Hàman gu a anam a ghuidhe o Ester a’ bhànrighinn; oir chunnaic e gun do shònraicheadh olc na aghaidh leis an rìgh.

Agus thubhairt i, Mas math leis an rìgh, agus ma fhuair mise deagh-ghean na làthair, agus ma tha an nì ceart am fianais an rìgh, agus ma tha mi taitneach na shùilean, sgrìobhar a ghairm air an ais nan litrichean a dhealbhadh le Hàman mac Hamedata an t‑Agagach, a sgrìobh e a‑chum na h‑Iùdhaich a tha ann an uile mhòr-roinnean an rìgh a sgrios:

Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, Craiceann airson craicinn, eadhon gach nì a tha aig duine bheir e airson a anama.

An sin their thu riu, Thaisbein mi m’athchuinge an làthair an rìgh, nach tugadh e orm tilleadh gu taigh Ionatain, a dh’fhaotainn bàis an sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan