Chaidh na gillean-ruith a‑mach, air an greasadh le àithne an rìgh; agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt: agus shuidh an rìgh agus Hàman sìos a dh’òl; ach bha am baile Susan fo amhluadh.
Ma fhuair mi deagh-ghean ann an sealladh an rìgh, agus mas math leis an rìgh m’athchuinge a dheònachadh, agus m’iarrtas a dhèanamh, thigeadh an rìgh agus Hàman a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaicheas mi dhaibh, agus a‑màireach nì mi a rèir facal an rìgh.
Nuair a bha iad fhathast a’ labhairt ris, thàinig caillteanaich an rìgh, agus rinn iad deifir gu Hàman a thabhairt a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich Ester.
Agus thubhairt an rìgh ri Ester mar an ceudna air an dara là aig cuirm an fhìona, Ciod i d’athchuinge, a bhànrighinn Ester? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas? Agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e.