Agus thubhairt an rìgh riu, Thugaibh leibh seirbhisich ur tighearna, agus thugaibh air Solamh mo mhac marcachd air mo mhuileid fhèin, agus thugaibh sìos e gu Gihon;
Bhasti a’ bhànrighinn a thoirt an làthair an rìgh leis a’ chrùn rìoghail, a nochdadh don t‑sluagh agus do na h‑uachdarain a sgèimhe; oir bha i maiseach ri amharc oirre.
Agus ghràdhaich an rìgh Ester os cionn nam ban uile, agus fhuair i gean-math agus coibhneas na làthair os cionn nan òighean uile; agus chuir e an crùn rìoghail air a ceann, agus rinn e na bànrighinn i an àite Bhasti.
Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan:
Agus chuir Ionatan dheth fhèin an fhallaing a bha air, agus thug e do Dhaibhidh i, agus a èideadh eadhon gu a chlaidheamh, agus gu a bhogha, agus gu a chrios.