Esteir 6:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt an rìgh, Ciod an t‑urram agus an inbhe a thugadh do Mhordecai airson seo? Agus thubhairt òglaich an rìgh a fhritheil dha, Cha do rinneadh nì air bith air a shon. Faic an caibideil |
Agus chuala mi dod thaobh-sa gur urrainn thu brìgh a thoirt à nì, agus ceistean fhuasgladh; a‑nis mas urrainn thu an sgrìobhadh a leughadh, agus a bhrìgh fhoillseachadh dhòmhsa, èidichear thu le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir mud mhuineal, agus is tu an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.
Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.