Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 6:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an rìgh ri Hàman, Greas ort, gabh a’ chulaidh agus an t‑each mar a thubhairt thu, agus dèan mar sin do Mhordecai an t‑Iùdhach, a tha na shuidhe ann an geata an rìgh: na dearmaid nì air bith de na thubhairt thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Biodh fhios agaibh a‑nis, nach tuit lide de fhacal an Tighearna gu làr, a labhair an Tighearna mu thaigh Ahaib; oir rinn an Tighearna an nì sin a labhair e le làimh a sheirbhisich Eliah.

An sin ghabh Hàman a’ chulaidh agus an t‑each, agus sgeadaich e Mordecai, agus thug e air marcachd air an each air sràid a’ bhaile mhòir, agus ghairm e roimhe, Mar seo nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur.

Agus thugar a’ chulaidh agus an t‑each do làimh aoin de uachdarain ro‑urramach an rìgh, agus sgeadaicheadh iad an duine air an toil leis an rìgh urram a chur, agus thugadh iad air marcachd air an each air sràid a’ bhaile mhòir, agus gairmeadh iad roimhe, Mar seo nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur.

Bithibh-se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna.

A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh.

Oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

A mheud is a ghlòraich i i fhèin, agus a chaith i a beatha gu sòghail, cho mòr is sin thugaibh dhi de pheanas agus de bhròn: oir tha i ag ràdh na cridhe fhèin, Tha mi am shuidhe am bhànrighinn, agus cha bhantrach mi, agus chan fhaic mi bròn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan