Air an oidhche sin theich cadal an rìgh uaithe; agus dh’iarr e leabhar-cuimhne nan eachdraidh làitheil a bhith air a thabhairt da ionnsaigh; agus leughadh iad am fianais an rìgh.
Agus uile ghnìomharan a thrèine agus a chumhachd, agus foillseachadh mòrachd Mhordecai a‑chum an d’àrdaich an rìgh e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Mhedia agus Phersia?
Anns na làithean sin, nuair a bha Mordecai na shuidhe ann an geata an rìgh, bha fearg air Bigtan agus Teres, dithis de chaillteanaich an rìgh, dhiubhsan a bha a’ coimhead an dorais, agus dh’iarr iad làmh a chur anns an rìgh Ahasuerus.
Agus rannsaicheadh an nì, agus fhuaireadh a‑mach e, agus chrochadh suas iad le chèile air crann: agus sgrìobhadh e ann an leabhar nan eachdraidh am fianais an rìgh.
Ma fhuair mi deagh-ghean ann an sealladh an rìgh, agus mas math leis an rìgh m’athchuinge a dheònachadh, agus m’iarrtas a dhèanamh, thigeadh an rìgh agus Hàman a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaicheas mi dhaibh, agus a‑màireach nì mi a rèir facal an rìgh.
Nuair a bhios am bochd agus an t‑ainnis ag iarraidh uisge, agus nach bi e ann; agus a bhios an teanga air tiormachadh le tart; mise Iehòbhah freagraidh mi iad; Dia Israeil, is mi nach trèig iad.
Agus anns an dara bliadhna de linn Nebuchadnesair, bhruadair Nebuchadnesar bruadar, leis an robh a inntinn air a buaireadh, agus dhealaich a chadal ris.
An sin labhair iadsan air an robh eagal an Tighearna, gach aon gu tric ri chèile; agus dh’èisd an Tighearna, agus chuala e, agus bha leabhar-cuimhne air a sgrìobhadh na làthair airson na muinntir air an robh eagal an Tighearna, agus a smaoinich air ainm.