Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 5:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Hàman a‑mach air an là sin aoibhneach agus subhach na chridhe: ach nuair a chunnaic Hàman Mordecai ann an geata an rìgh, agus nach d’èirich e, agus nach do charaich e air a shon, bha e làn feirge an aghaidh Mhordecai.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Ahab da thaigh dubhach agus feargach, airson an fhacail a labhair Nàbot an t‑Iesreeleach ris: oir thubhairt e, Cha toir mi dhut oighreachd m’athraichean: agus laigh e sìos air a leabaidh, agus thionndaidh e a aghaidh air falbh, agus chan itheadh e aran.

Agus thubhairt esan rithe, Airson gun do labhair mi ri Nàbot an t‑Iesreeleach, agus gun dubhairt mi ris, Thoir dhòmhsa d’fhìonlios air airgead; no, mas àill leat, bheir mi dhut fìonlios eile air a shon: agus thubhairt esan, Cha toir mi dhut m’fhìonlios.

Agus nuair a chruinnicheadh na h‑òighean an dara uair, an sin shuidh Mordecai ann an geata an rìgh.

Agus chrom na seirbhisich uile a bha ann an geata an rìgh iad fhèin, agus thug iad urram do Hàman, oir dh’àithn an rìgh mar sin da thaobh; ach cha do chrom Mordecai e fhèin, agus cha tug e urram dha.

Agus chunnaic Hàman nach do chrom Mordecai e fhèin, agus nach tug e urram dha, agus bha Hàman làn feirge.

Gidheadh cha dèan seo uile a’ bheag de mhath dhomh, am feadh a chì mi Mordecai an t‑Iùdhach na shuidhe ann an geata an rìgh.

Gur geàrr caithreim nan aingidh, agus nach eil gàirdeachas a’ chealgair ach car tiota?

Mura dubhairt fir mo phàillein, Och nach robh sinn air ar sàsachadh le a fheòil!

Leis an suarach an droch dhuine, ach a bheir urram dhaibhsan air am bi eagal an Tighearna; a mhionnaicheas a‑chum a challdaich fhèin, agus nach caochail;

Ged champaicheadh feachd am aghaidh, cha bhiodh eagal air mo chridhe; ged dh’èireadh cogadh am aghaidh, à seo nì mi mo bhun.

An sin dh’àithn Nebuchadnesar, na fheirg agus na chorraich, Sadrach, Mesach, agus Abed-nego, a thoirt da ionnsaigh: an sin thug iad na daoine seo an làthair an rìgh.

Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.

An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd-millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban-mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.

Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha sàthach: oir bidh acras oirbh. Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ gàireachdaich a‑nis: oir nì sibh bròn agus gul.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun dèan sibhse gul agus caoidh, ach nì an saoghal gàirdeachas: agus bidh sibhse do‑bhrònach, ach tillear ur bròn gu gàirdeachas.

Nuair a chuala iad na nithean sin, bha iad air an gonadh nan cridhe, agus chas iad am fiaclan ris.

Bithibh ann an àmhghar, agus dèanaibh caoidh, agus gul: biodh ur gàire air a thionndadh gu bròn, agus ur n‑aoibhneas gu tùirse.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan