Agus thubhairt e, Thoir am fagas dhomh e, agus ithidh mi de shidhinn mo mhic, a‑chum is gum beannaich m’anam thu. Agus thug e am fagas dha e, agus dh’ith e; agus thug e da ionnsaigh fìon, agus dh’òl e.
Agus their sibh cuideachd, Feuch, Tha do sheirbhiseach Iàcob nar dèidh-ne: oir thubhairt e, Nì mi rèidh e leis an tìodhlac a thèid romham, agus an dèidh sin chì mi a ghnùis; theagamh gun gabh e rium.
Chaidh na gillean-ruith a‑mach, air an greasadh le àithne an rìgh; agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt: agus shuidh an rìgh agus Hàman sìos a dh’òl; ach bha am baile Susan fo amhluadh.
Ma fhuair mi deagh-ghean ann an sealladh an rìgh, agus mas math leis an rìgh m’athchuinge a dheònachadh, agus m’iarrtas a dhèanamh, thigeadh an rìgh agus Hàman a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaicheas mi dhaibh, agus a‑màireach nì mi a rèir facal an rìgh.