Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 5:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt an rìgh rithe, Ciod as àill leat, a bhànrighinn Ester? Agus ciod e d’iarrtas? Gu ruig leth na rìoghachd bheirear dhut e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt i, Tha mi ag iarraidh aon athchuinge bheag ort; na diùlt mi, guidheam ort. Agus thubhairt an rìgh rithe, Iarr, a mhàthair, oir cha diùlt mi thu.

Ann an Gibeon thaisbein an Tighearna e fhèin do Sholamh ann an aisling na h‑oidhche; agus thubhairt Dia, Iarr ciod as àill leat mi thabhairt dhut.

Agus thubhairt an rìgh rium, Ciod e seo a tha thu ag iarraidh? Agus rinn mi ùrnaigh ri Dia nan nèamh:

Agus fhreagair Ester, Mas math leis an rìgh, thigeadh an rìgh agus Hàman an‑diugh a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich mi dha.

Agus thubhairt an rìgh ri Ester aig cuirm an fhìona, Ciod i d’athchuinge? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas? Agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e.

Agus thubhairt an rìgh ri Ester mar an ceudna air an dara là aig cuirm an fhìona, Ciod i d’athchuinge, a bhànrighinn Ester? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas? Agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e.

Agus thubhairt an rìgh ri Ester a’ bhànrighinn, Mharbh na h‑Iùdhaich agus sgrios iad còig ceud fear ann an Susan an lùchairt, agus deich mic Hàmain: agus anns a’ chuid eile de mhòr-roinnean an rìgh ciod a rinn iad? Ach ciod i d’athchuinge? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas os bàrr? Agus nìthear e.

Agus thug e mionnan dhi, Ge bè nì a dh’iarras tu orm, bheir mi dhut e, gu leth mo rìoghachd.

Ag ràdh, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Agus thubhairt esan, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc.

An sin rug an t‑àrd-cheannard air a làimh, agus chaidh e a lethtaobh an uaigneas maille ris, agus dh’fheòraich e dheth, Ciod a tha agad ri innse dhòmhsa?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan