Esteir 5:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a chunnaic an rìgh Ester a’ bhànrighinn na seasamh anns a’ chùirt, fhuair i deagh-ghean na shealladh: agus shìn an rìgh a‑mach gu Ester an t‑slat-òir rìoghail a bha na làimh: agus thàinig Ester am fagas, agus bhean i ri bàrr na slaite. Faic an caibideil |
A Thighearna, guidheam ort, biodh do chluas a‑nis furachair ri ùrnaigh do sheirbhisich, agus ri ùrnaigh d’òglaich, leis am miann eagal d’ainme a bhith orra: agus soirbhich, guidheam ort, led sheirbhiseach an‑diugh, agus thoir dha tròcair ann an sealladh an duine seo. A‑nis bha mise am ghille-cupain aig an rìgh.
Agus thaitinn an òigh ris, agus fhuair i coibhneas na làthair, agus rinn e deifir gus a nithean airson glanaidh, agus na bhuineadh dhi, a thabhairt da h‑ionnsaigh, agus gu seachd maighdeannan iomchaidh a thabhairt dhi à taigh an rìgh; agus chuir e i fhèin agus a maighdeannan don àit a b’fheàrr de thaigh nam ban.
Tha fhios aig seirbhisich an rìgh uile, agus aig sluagh mòr-roinnean an rìgh, ge bè air bith fear no bean a thèid a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don chùirt as fhaide a‑staigh, air nach goirear, gu bheil aon lagh aige a chur gu bàs, ach a‑mhàin esan don sìn an rìgh a‑mach a shlat-òir rìoghail, a‑chum gum bi e beò; ach cha do ghoireadh ormsa teachd a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh na deich-là‑fichead seo.