Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 5:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh cha dèan seo uile a’ bheag de mhath dhomh, am feadh a chì mi Mordecai an t‑Iùdhach na shuidhe ann an geata an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

A thàinig maille ri Serubabel, Iesua, Nehemiah, Seraiah, Realaiah, Mordecai, Bilsan, Mispar, Bigbhai, Rehum, Baanah. AIREAMH DAOINE SLUAGH ISRAEIL.

Agus chaidh Hàman a‑mach air an là sin aoibhneach agus subhach na chridhe: ach nuair a chunnaic Hàman Mordecai ann an geata an rìgh, agus nach d’èirich e, agus nach do charaich e air a shon, bha e làn feirge an aghaidh Mhordecai.

Rè a làithean uile cràidhear an t‑aingidh; agus falaichear àireamh a bhliadhnachan air an fhear-shàrachaidh.

Tha e a’ reubadh anama na chorraich: air do shon-sa an trèigear an talamh? Agus an atharraichear a’ charraig as a h‑àite?

Tha an t‑aingidh a’ cumadh uilc don ionraic, agus a’ casadh a fhiaclan ris.

Chunnaic mi na h‑uile obraichean fon ghrèin; agus, feuch, is dìomhanas iad uile, agus buaireadh spioraid.

Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche; dìomhanas nan dìomhanas! Is dìomhanas na h‑uile nithean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan