Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 5:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Hàman an cèill dhaibh mòrachd a bheartais, agus lìonmhorachd a mhac, agus gach nì leis an do rinn an rìgh mòr e, agus mar a dh’àrdaich e e os cionn nan uachdaran, agus seirbhisich an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus chuala e briathran mic Làbain, ag ràdh, Thug Iàcob leis gach nì a bha aig ar n‑athair, agus on nì sin a bu le ar n‑athair-ne fhuair e dha fhèin a’ mhòrachd seo uile.

Nuair a nochd e saoibhreas a rìoghachd ghlòrmhoir, agus urram a mhòrachd òirdheirc, rè ceud agus ceithir-fichead là.

An dèidh nan nithean sin rinn an rìgh Ahasuerus Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, na dhuine mòr, agus dh’àrdaich e e, agus chuir e a àite-suidhe os cionn nan uachdaran uile a bha maille ris.

Agus chaidh Mordecai a‑mach à làthair an rìgh ann an aodach rìoghail de ghorm agus de gheal, agus le crùn mòr òir, agus le trusgan de anart grinn agus de chorcar: agus rinn baile Shusain gàirdeachas, agus bha e aoibhinn.

A dh’earbas as an saoibhreas, agus a nì uaill à pailteas am beartais?

Chan urrainn duine air chor sam bith a bhràthair a shaoradh, no èirig a thabhairt do Dhia air a shon:

Molaidh mise thu gu sìorraidh, a chionn gun do rinn thu e; agus feithidh mi air d’ainm-sa, oir tha e math an làthair do naomh.

Oir their e, Nach eil mo cheannardan uile nan rìghrean?

Labhair an rìgh agus thubhairt e, Nach i seo Bàbilon mhòr, a thog mise mar thaigh na rìoghachd, le neart mo chumhachd, agus airson onair mo mhòrachd?

Agus bha mòr-uamhas air na deisciobail airson a bhriathran. Ach fhreagair Iosa a‑rìs, agus thubhairt e riu, A chlann, cia deacair dhaibhsan a chuireas an dòigh ann an saoibhreas, dol a‑steach do rìoghachd Dhè!

Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan