Gidheadh chùm Hàman air fhèin, agus chaidh e dhachaigh: agus chuir e fios uaithe, agus thug e air a chàirdean teachd da ionnsaigh, agus air Seres a bhean.
Agus cha b’urrainn Iòseph cumail air fhèin nan làthair-san uile a sheas làimh ris; agus ghlaodh e, Cuiribh gach duine a‑mach uam. Agus cha do sheas duine sam bith maille ris, nuair a rinn Iòseph e fhèin aithnichte da bhràithrean.
Agus chuir Hàman an cèill dhaibh mòrachd a bheartais, agus lìonmhorachd a mhac, agus gach nì leis an do rinn an rìgh mòr e, agus mar a dh’àrdaich e e os cionn nan uachdaran, agus seirbhisich an rìgh.
Agus dh’innis Hàman do Sheres a bhean, agus da chàirdean uile, gach nì a thachair dha. Agus thubhairt a dhaoine glice agus Seres a bhean ris, Mas ann de shliochd nan Iùdhach Mordecai, ron do thòisich thu air tuiteam, cha bhuadhaich thu na aghaidh, ach gun teagamh tuitidh tu roimhe.