Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 5:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis an treas là chuir Ester oirre a culaidh rìoghail, agus sheas i anns a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh de thaigh an rìgh, fa chomhair taigh an rìgh: agus bha an rìgh na shuidhe air a rìgh-chathair anns an taigh rìoghail, fa chomhair geata an taighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Bhasti a’ bhànrighinn a thoirt an làthair an rìgh leis a’ chrùn rìoghail, a nochdadh don t‑sluagh agus do na h‑uachdarain a sgèimhe; oir bha i maiseach ri amharc oirre.

Bha Iùdhach àraidh ann an Susan an lùchairt dom b’ainm Mordecai, mac Iair, mhic Shimei, mhic Chis, duine de Bheniàmin,

Tha fhios aig seirbhisich an rìgh uile, agus aig sluagh mòr-roinnean an rìgh, ge bè air bith fear no bean a thèid a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don chùirt as fhaide a‑staigh, air nach goirear, gu bheil aon lagh aige a chur gu bàs, ach a‑mhàin esan don sìn an rìgh a‑mach a shlat-òir rìoghail, a‑chum gum bi e beò; ach cha do ghoireadh ormsa teachd a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh na deich-là‑fichead seo.

Falbh, cruinnich ri chèile na h‑Iùdhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus traisgibh air mo shon-sa, agus na ithibh agus na òlaibh rè trì làithean, a là no a dh’oidhche: traisgidh mise agus mo mhaighdeannan air an dòigh cheudna; agus an sin thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, nì nach eil a rèir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam.

Agus dh’imich Mordecai, agus rinn e a rèir gach nì a dh’àithn Ester dha.

Agus thubhairt an rìgh, Cò a tha anns a’ chùirt? (A‑nis bha Hàman air teachd don chùirt a b’fhaide a‑muigh de thaigh an rìgh, a labhairt ris an rìgh, gum biodh Mordecai air a chrochadh air a’ chroich a dheasaich e dha.)

Agus chaidh Mordecai a‑mach à làthair an rìgh ann an aodach rìoghail de ghorm agus de gheal, agus le crùn mòr òir, agus le trusgan de anart grinn agus de chorcar: agus rinn baile Shusain gàirdeachas, agus bha e aoibhinn.

Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.

Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, a’ mhuinntir a chaitheas aodach mìn, is ann an taighean nan rìghrean a tha iad.

Òrdaich, uime sin, an uaigh a bhith air a coimhead gu cinnteach gus an treas là, air eagal gun tig a dheisciobail anns an oidhche, agus gun goid iad leo e, agus gun abair iad ris an t‑sluagh, Dh’èirich e o na mairbh: agus mar sin bidh am mearachd dheireannach nas miosa na an ciad mhearachd.

A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd-sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan