An sin ghoir Ester air Hatach, aon de chaillteanaich an rìgh, don d’òrdaich e feitheamh oirre, agus thug i àithne dha gu Mordecai, gum faigheadh e fios ciod e seo, agus carson seo.
Agus thug e dha dùblachadh sgrìobhadh an òrdaigh, a thugadh ann an Susan gus an sgrios, a‑chum a fheuchainn do Ester, agus a chur an cèill di, agus a dh’àithneadh dhi gun rachadh i a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, a dh’aslachadh air, agus a ghuidhe air as leth a sluaigh.