An sin ghoir Ester air Hatach, aon de chaillteanaich an rìgh, don d’òrdaich e feitheamh oirre, agus thug i àithne dha gu Mordecai, gum faigheadh e fios ciod e seo, agus carson seo.
Air an t‑seachdamh là, nuair a bha cridhe an rìgh subhach le fìon, dh’àithn e do Mhehuman, do Bhista, do Harbona, do Bhigta, agus do Abagta, do Shetar, agus do Charcas, na seachd caillteanaich a fhritheil ann an làthair an rìgh Ahasueruis,
Ach dhiùlt a’ bhànrighinn Bhasti teachd air àithne an rìgh a thug e seachad le làimh nan caillteanach: agus bha corraich mhòr air an rìgh, agus las a fhearg an taobh a‑staigh dheth.
Agus thàinig maighdeannan Esteir agus a caillteanaich, agus dh’innis iad sin dhi. Agus bha a’ bhànrighinn ro‑dhoilgheasach, agus chuir i aodach gu bhith air a chur air Mordecai, agus gun tugadh a aodach-saic dheth: ach cha ghabhadh esan e.
Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.