Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 4:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns gach uile mhòr-roinn don tàinig facal an rìgh agus a òrdagh, bha bròn mòr am measg nan Iùdhach, agus trasgadh, agus gul, agus caoidh; agus laigh mòran ann an sac-aodach agus an luaithre.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

A‑nis ann an làithean Ahasueruis (is e seo an t‑Ahasuerus a rìghich o India gu ruig Etiopia, os cionn ceud agus seachd-ar‑fhichead mòr-roinn);

Agus ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an treas-là‑deug den chiad mhìos; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Hàman, a‑chum àrd-luchd-riaghlaidh an rìgh, agus a‑chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr-roinne, agus a‑chum cinn-feadhna gach sluaigh, a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain: ann an ainm an rìgh Ahasuerus sgrìobhadh e agus sheulaicheadh e le fàinne an rìgh.

Falbh, cruinnich ri chèile na h‑Iùdhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus traisgibh air mo shon-sa, agus na ithibh agus na òlaibh rè trì làithean, a là no a dh’oidhche: traisgidh mise agus mo mhaighdeannan air an dòigh cheudna; agus an sin thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, nì nach eil a rèir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam.

Agus thàinig e eadhon fa chomhair geata an rìgh: oir chan fhaodadh neach air bith dol a‑steach do gheata an rìgh le sac-aodach air.

Agus thàinig maighdeannan Esteir agus a caillteanaich, agus dh’innis iad sin dhi. Agus bha a’ bhànrighinn ro‑dhoilgheasach, agus chuir i aodach gu bhith air a chur air Mordecai, agus gun tugadh a aodach-saic dheth: ach cha ghabhadh esan e.

A dhaingneachadh làithean sin Phurim nan àmannan, mar a shuidhich Mordecai an t‑Iùdhach agus Ester a’ bhànrighinn dan taobh, agus mar a dh’òrdaich iad air an son fhèin, agus airson an sliochd, nithean nan trasgadh agus an èighich.

Agus ghabh e slige-chreadha ga sgrìobadh fhèin leatha; agus shuidh e am measg na luaithre.

Agus anns an là sin ghairm Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, gu gul, agus gu caoidh, agus gu maoile, agus gu crioslachadh le aodach-saic:

Air an adhbhar sin thubhairt mi, Tionndaidh air falbh uam: guilidh mi gu goirt; na feuchaibh ri comhfhurtachd a thoirt dhomh, airson lèir-chreach nighean mo shluaigh.

An e a leithid seo de thrasgadh a roghnaich mise, gun cuireadh duine anam fo leòn car là? An e gun cromadh e a cheann mar luachair, agus gun sgaoileadh e sac-aodach agus luaithre fodha? An abair thu trasg ri seo, agus là taitneach don Tighearna?

Agus bheir iad air an guth gun cluinnear e os do chionn, agus glaodhaidh iad gu goirt, agus tilgidh iad suas duslach air an cinn, aornaganaidh iad iad fhèin anns an luaithre.

Agus chuir mi m’aghaidh ris an Tighearna Dia, ga iarraidh le ùrnaigh agus le athchuinge, le trasg, agus le aodach-saic, agus le luaithre:

Oir thàinig an sgeul gu rìgh Ninebheh; agus dh’èirich e o a rìgh-chathair, agus chuir e a fhallaing uaithe, agus chòmhdaich e e fhèin le aodach-saic, agus shuidh e ann an luaithre.

Agus tilgidh iad iad anns an àmhainn air dearg-lasadh: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

An sin thubhairt an rìgh ris na seirbhisich, Air a cheangal dhuibh eadar chasan agus làmhan, togaibh leibh e, agus tilgibh e anns an dorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

Agus tilgibh an seirbhiseach mi‑thairbheach seo do dhorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

Agus reub Iosua a aodach, agus thuit e gu làr air a aghaidh ro àirc an Tighearna, gu tràth feasgair, e fhèin agus seanairean Israeil, agus chuir iad duslach air an cinn.

An sin thàinig na teachdairean gu Gibeah Shauil, agus dh’innis iad an sgeul ann an cluasan an t‑sluaigh: agus thog an sluagh uile suas an guth, agus ghuil iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan