Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 4:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Falbh, cruinnich ri chèile na h‑Iùdhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus traisgibh air mo shon-sa, agus na ithibh agus na òlaibh rè trì làithean, a là no a dh’oidhche: traisgidh mise agus mo mhaighdeannan air an dòigh cheudna; agus an sin thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, nì nach eil a rèir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall.

Agus gun tugadh Dia Uile-chumhachdach tròcair dhuibh an làthair an duine, a‑chum is gun leig e air falbh leibh ur bràthair eile, agus Beniàmin: ach ma chaill mise mo chlann, chaill mi iad.

Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè; agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean.

Ma their sinn, Rachamaid a‑steach don bhaile, tha a’ ghorta anns a’ bhaile, agus bàsaichidh sinn an sin; agus ma dh’fhanas sinn an seo, bàsaichidh sinn mar an ceudna. A‑nis, matà, thigibh, agus teicheamaid gu camp nan Sirianach: ma chaomhnas iad beò sinn, bidh sinn beò; ach ma mharbhas iad sinn, chan fhaigh sinn ach am bàs.

Agus bha eagal air Iehosaphat, agus chuir e a aghaidh a dh’iarraidh an Tighearna, agus ghairm e trasgadh air feadh Iùdah uile.

An sin ghairm mi trasgadh anns an àite sin aig abhainn Ahabha, a‑chum gun irioslaicheamaid sinn fhèin am fianais ar Dè, a dh’iarraidh air slighe cheart dhuinn fhèin, agus dar cloinn bhig, agus dar maoin uile.

An sin dh’iarr Ester am freagradh seo a thoirt do Mhordecai:

Agus dh’imich Mordecai, agus rinn e a rèir gach nì a dh’àithn Ester dha.

Agus anns gach uile mhòr-roinn don tàinig facal an rìgh agus a òrdagh, bha bròn mòr am measg nan Iùdhach, agus trasgadh, agus gul, agus caoidh; agus laigh mòran ann an sac-aodach agus an luaithre.

A‑nis an treas là chuir Ester oirre a culaidh rìoghail, agus sheas i anns a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh de thaigh an rìgh, fa chomhair taigh an rìgh: agus bha an rìgh na shuidhe air a rìgh-chathair anns an taigh rìoghail, fa chomhair geata an taighe.

A dhaingneachadh làithean sin Phurim nan àmannan, mar a shuidhich Mordecai an t‑Iùdhach agus Ester a’ bhànrighinn dan taobh, agus mar a dh’òrdaich iad air an son fhèin, agus airson an sliochd, nithean nan trasgadh agus an èighich.

Agus anns an là sin ghairm Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, gu gul, agus gu caoidh, agus gu maoile, agus gu crioslachadh le aodach-saic:

Agus thàrladh ann an còigeamh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, anns an naoidheamh mìos, gun d’èigh iad trasg an làthair an Tighearna, an sluagh uile a bha ann an Ierusalem, agus an sluagh uile a thàinig o bhailtean Iùdah gu Ierusalem.

A‑chum gun iarradh iad tròcair air Dia nèimh mu thimcheall na diamhaireachd seo; a‑chum nach bàsaicheadh Daniel agus a chompanaich leis a’ chuid eile de dhaoine glice Bhàbiloin.

Oir mar a bha Iònas ann am broinn na muice-mara trì làithean agus trì oidhchean, is ann mar sin a bhios Mac an Duine ann an cridhe na talmhainn trì làithean agus trì oidhchean.

Oir ge bè neach lem b’àill a anam a thèarnadh, caillidh e e: ach ge bè neach a chailleas a anam air mo sgàth-sa, saoraidh esan e.

Fhreagair Pilat, An nì a sgrìobh mi, sgrìobh mi e.

Agus nuair a dh’fhalbh an t‑aingeal a labhair ri Cornelius, ghairm e da ionnsaigh dithis de mhuinntir a thaighe, agus saighdear cràbhach den dream a bha a‑ghnàth a’ feitheamh air;

Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.

An sin fhreagair Pòl, Ciod as ciall dhuibh, a’ gul, agus a’ briseadh mo chridhe? Oir tha mise ullamh chan ann a‑mhàin gu bhith air mo cheangal, ach eadhon gu bàsachadh ann an Ierusalem airson ainm an Tighearna Iosa.

Agus am feadh a bha an là a’ teachd, thug Pòl a chomhairle orra uile biadh a ghabhail, ag ràdh, Is e seo an ceathramh-là‑deug dhuibh a’ feitheamh, agus a’ fantainn nur trasg, gun bhiadh sam bith a ghabhail.

Agus bha e trì làithean gun fhradharc, agus cha d’ith agus cha d’òl e nì air bith.

(Muinntir a leig sìos am muineal fhèin airson m’anama-sa: dom bheil a’ toirt buidheachais chan e a‑mhàin mise, ach mar an ceudna eaglaisean nan Cinneach uile.)

Do bhrìgh, airson obair Chrìosd, gu robh e dlùth don bhàs, agus nach robh suim aige de a bheatha fhèin, a‑chum gun dèanadh e suas uireasbhaidh ur seirbhis-se dom thaobh-sa.

Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.

Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan