Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 4:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’àithn Mordecai freagradh a thoirt do Ester, Na smaoinich agad fhèin gun tèid thu as ann an taigh an rìgh nas mo na na h‑Iùdhaich uile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’innis iad do Mhordecai briathran Esteir.

Oir ma bhios tusa gu tur ad thosd anns an àm seo, thig lasachadh agus saorsa do na h‑Iùdhaich o àit eile; ach sgriosar thusa agus taigh d’athar: agus cò aig a bheil fhios nach ann airson a leithid seo de àm a thàinig thu don rìoghachd?

Esan a ghràdhaicheas a anam; caillidh e e; agus esan a dh’fhuathaicheas a anam anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e e a‑chum na beatha maireannaich.

Do bhrìgh, airson obair Chrìosd, gu robh e dlùth don bhàs, agus nach robh suim aige de a bheatha fhèin, a‑chum gun dèanadh e suas uireasbhaidh ur seirbhis-se dom thaobh-sa.

Uime sin thugaibh fa‑near esan a dh’fhuiling a shamhail sin de ana-cainnt o pheacaich na aghaidh fhèin, air eagal gum bi sibh sgìth agus lag nur n‑inntinnean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan