Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 4:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha fhios aig seirbhisich an rìgh uile, agus aig sluagh mòr-roinnean an rìgh, ge bè air bith fear no bean a thèid a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don chùirt as fhaide a‑staigh, air nach goirear, gu bheil aon lagh aige a chur gu bàs, ach a‑mhàin esan don sìn an rìgh a‑mach a shlat-òir rìoghail, a‑chum gum bi e beò; ach cha do ghoireadh ormsa teachd a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh na deich-là‑fichead seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Mas math leis an rìgh, thigeadh àithne rìoghail a‑mach uaithe, agus sgrìobhar i am measg laghannan nam Persianach agus nam Mèdach, a‑chum nach atharraichear i, Nach tig Bhasti nas mò an làthair an rìgh Ahasueruis, agus gun toir an rìgh a h‑inbhe rìoghail do mhnaoi eile as fheàrr na ise.

Air feasgar chaidh i a‑steach, agus anns a’ mhadainn thill i gu dara taigh nam ban, fo làimh Shaasgais, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nan coileabach: cha tàinig i a‑steach tuilleadh a dh’ionnsaigh an rìgh, mura do ghabh an rìgh tlachd dhi, agus gun do ghairmeadh i air a h‑ainm.

Agus labhair Ester ri Hatach, agus thug i àithne dha gu Mordecai:

Agus dh’innis iad do Mhordecai briathran Esteir.

Agus thubhairt an rìgh, Cò a tha anns a’ chùirt? (A‑nis bha Hàman air teachd don chùirt a b’fhaide a‑muigh de thaigh an rìgh, a labhairt ris an rìgh, gum biodh Mordecai air a chrochadh air a’ chroich a dheasaich e dha.)

Agus shìn an rìgh a‑mach an t‑slat-òir rìoghail gu Ester. Agus dh’èirich Ester, agus sheas i an làthair an rìgh.

Ach mura toir sibh fios dhomh air a’ bhruadar, chan eil ach an aon bhreith dhuibh: oir dh’ullaich sibh briathran breugach agus truaillidh gu an labhairt am làthair-sa, gu atharrachadh na h‑aimsir: uime sin innsibh dhomh am bruadar, agus aithnichidh mi gur urrainn sibh a bhrìgh fheuchainn dhomh.

Mar an ceudna, fheara, gabhaibh-se còmhnaidh maille riu a rèir eòlais, a’ tabhairt urraim don mhnaoi mar an soitheach as anfhainne, agus mar mhuinntir a tha nan co‑oighreachan air gràs na beatha; a‑chum nach cuirear bacadh air ur n‑ùrnaighean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan