Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 4:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a dh’aithnich Mordecai gach nì a rinneadh, reub e a aodach, agus chuir e sac-aodach air agus luaithre, agus chaidh e a‑mach gu meadhon a’ bhaile, agus ghlaodh e le glaodh àrd agus searbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Nuair a chuala Esau briathran a athar, ghlaodh e le glaodh mòr, agus ro‑shearbh; agus thubhairt e ra athair, Beannaich mise, eadhon mise mar an ceudna, O athair.

Agus reub Iàcob a aodach, agus chuir e aodach-saic air a leasraidh, agus rinn e bròn airson a mhic rè mòran làithean.

An sin rug Daibhidh air a aodach, agus reub e e, agus mar an ceudna na daoine uile a bha maille ris.

Agus chuir Tàmar luath air a ceann, agus reub i an trusgan iomadh-dathach a bha oirre, agus chuir i a làmh air a ceann, agus chaidh i air falbh a’ glaodhaich.

Agus thàinig e eadhon fa chomhair geata an rìgh: oir chan fhaodadh neach air bith dol a‑steach do gheata an rìgh le sac-aodach air.

Agus anns gach uile mhòr-roinn don tàinig facal an rìgh agus a òrdagh, bha bròn mòr am measg nan Iùdhach, agus trasgadh, agus gul, agus caoidh; agus laigh mòran ann an sac-aodach agus an luaithre.

An sin dh’èirich Iob, agus reub e a fhallaing, agus bheàrr e a cheann, agus thuit e sìos air an talamh, agus rinn e adhradh.

Agus ghabh e slige-chreadha ga sgrìobadh fhèin leatha; agus shuidh e am measg na luaithre.

Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre.

Agus bidh Hesbon ag èigheach, agus Elealeh; cluinnear an guth gu ruig Iahas; uime sin glaodhaidh daoine armaichte Mhòaib gu h‑àrd; bidh a beatha searbh dhi.

Air an adhbhar sin thubhairt mi, Tionndaidh air falbh uam: guilidh mi gu goirt; na feuchaibh ri comhfhurtachd a thoirt dhomh, airson lèir-chreach nighean mo shluaigh.

Agus nuair a chuala Heseciah an rìgh e, reub e aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le aodach-saic, agus chaidh e a‑steach do thaigh an Tighearna.

Agus chuir e Eliacim a bha os cionn an taighe, agus Sebnah an sgrìobhaiche, agus seanairean nan sagart, còmhdaichte le aodach-saic, gu Isaiah mac Amois, am fàidh.

An e a leithid seo de thrasgadh a roghnaich mise, gun cuireadh duine anam fo leòn car là? An e gun cromadh e a cheann mar luachair, agus gun sgaoileadh e sac-aodach agus luaithre fodha? An abair thu trasg ri seo, agus là taitneach don Tighearna?

Agus thug e gu bhith air a lìomhadh e, a‑chum gum biodh e air a ghlacadh: tha an claidheamh air a gheurachadh, agus tha e air a lìomhadh, gu a thoirt do làimh a’ mharbhaiche.

Dèan acain uime sin, a mhic an duine, a dhochainneas do leasraidh; agus le searbhas dèan osnaich fa chomhair an sùl.

Agus chuir mi m’aghaidh ris an Tighearna Dia, ga iarraidh le ùrnaigh agus le athchuinge, le trasg, agus le aodach-saic, agus le luaithre:

Air an adhbhar sin nì mise caoidh agus àrd-ghul; siùbhlaidh mi rùisgte agus lomnochd: nì mi caoidh mar na dràgoin, agus cumha mar nigheanan na caillich-oidhche.

Tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dlùth, agus a’ deifreachadh gu mòr: tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach.

Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.

Ach nuair a chuala na h‑abstoil Barnabas agus Pòl seo, reub iad an aodach, agus ruith iad a‑steach am measg an t‑sluaigh, ag èigheach,

Agus reub Iosua a aodach, agus thuit e gu làr air a aghaidh ro àirc an Tighearna, gu tràth feasgair, e fhèin agus seanairean Israeil, agus chuir iad duslach air an cinn.

Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là, èidichte ann an sac-aodach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan