Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 3:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mas toil leis an rìgh, sgrìobhar gum bi iad air an sgrios, agus ìocaidh mise deich mìle tàlann airgid dan làimh-san a nì an gnothach, a‑chum a thabhairt do ionmhasan an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èisd Abrahàm ri Ephron, agus thomhais Abrahàm do Ephron an t‑airgead, a dh’ainmich e ann an èisdeachd mic Het, ceithir cheud secel airgid, a ghabhas an ceannaiche.

Agus thug an rìgh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus thug e e do Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, nàmhaid nan Iùdhach.

Agus thubhairt Hàman ri rìgh Ahasuerus, Tha sluagh àraidh ann air an sgaoileadh agus air an roinn am measg an t‑sluaigh ann an uile mhòr-roinnean do rìoghachd, agus tha laghan air leth aca seach gach sluagh, agus chan eil iad a’ coimhead laghan an rìgh; uime sin chan eil e airson leas an rìgh am fulang.

Agus dh’innis Mordecai dha gach nì a thachair dha, agus an t‑suim airgid a gheall Hàman a thomhas a‑steach do ionmhasan an rìgh airson nan Iùdhach, a‑chum an sgrios.

Oir reiceadh sinn, mise agus mo shluagh, gu bhith air ar dìtheachadh, air ar marbhadh, agus air ar lèirsgrios: ach nam b’ann mar thràillean agus mar bhan-tràillean a reiceadh sinn, bhithinn am thosd, ged nach b’urrainn an nàmhaid call an rìgh a dhèanamh suas.

Air an adhbhar sin, anns an àm sin thàinig Caldèanaich àraidh am fagas, agus rinn iad casaid air na h‑Iùdhaich.

Agus nuair a thòisich e air cunntas a dhèanamh, thugadh aon da ionnsaigh air an robh aige deich mìle tàlann:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan