Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 3:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns a’ chiad mhìos (is e sin mìos Nisain) anns an dara-bliadhna-deug de rìgh Ahasuerus, thilgeadh Pur, is e sin an crannchur, an làthair Hàmain, o là gu là, agus o mhìos gu mìos, gus an dara-mìos-deug, is e sin mìos Adair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a rìghich Ahasuerus, ann an toiseach a rìoghachaidh, sgrìobh iad litir-chasaid an aghaidh luchd-àiteachaidh Iùdah agus Ierusaleim.

Agus chrìochnaicheadh an taigh seo air an treas là den mhìos Adar, a bha anns an t‑siathamh bliadhna de rìoghachadh Dhariuis an rìgh.

Agus thàrladh ann am mìos Nisain, anns an fhicheadamh bliadhna de Artacsercses an rìgh, gu robh fìon fa chomhair; agus ghabh mi am fìon, agus thug mi e don rìgh. Agus cha robh mise roimhe sin dubhach na fhianais.

Anns an treas bliadhna de a rìoghachadh, rinn e cuirm da uachdarain uile, agus da sheirbhisich; agus cumhachd Phersia agus Mhedia, àrd-uaislean agus uachdarain nam mòr-roinn na làthair;

Agus thugadh Ester a dh’ionnsaigh an rìgh Ahasueruis, a dh’ionnsaigh a thaighe rìoghail, anns an deicheamh mìos (is e sin mìos Thebeit) anns an t‑seachdamh bliadhna de a rìoghachadh.

A‑nis anns a dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair), air an treas-là‑deug den mhìos air an robh àithne an rìgh agus a òrdagh gu bhith air an coileanadh, air an là anns an robh dùil aig naimhdean nan Iùdhach cumhachd fhaghail os an cionn (ged thachair, air a’ chaochladh, gu robh aig na h‑Iùdhaich cumhachd os an cionn-san a dh’fhuathaich iad),

A‑chum a shuidheachadh nam measg, gun cumadh iad an ceathramh-là‑deug de mhìos Adair, agus an còigeamh-là‑deug dheth gach bliadhna.

Agus bhuail na h‑Iùdhaich an naimhdean uile le buille a’ chlaidheimh, agus àir, agus sgrios; agus rinn iad mar a bu mhiann leo orrasan a dh’fhuathaich iad.

Anns an uchd tilgear an crannchur; ach is ann on Tighearna a tha a riaghladh gu lèir.

Agus nuair a cheus iad e, roinn iad a thrusgan eatorra, a’ tilgeadh crannchuir: a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh, Roinn iad m’aodach eatorra, agus chuir iad crannchur air mo bhrat.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan