Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 3:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha b’fhiù leis làmh a chur ann am Mordecai na aonar, oir nochd iad dha sluagh Mhordecai; uime sin dh’iarr Hàman na h‑Iùdhaich uile a sgrios a bha ann an uile rìoghachd Ahasueruis, sluagh Mhordecai.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a rìghich Ahasuerus, ann an toiseach a rìoghachaidh, sgrìobh iad litir-chasaid an aghaidh luchd-àiteachaidh Iùdah agus Ierusaleim.

Ach nuair a thàinig Ester an làthair an rìgh, dh’òrdaich e le litir gun tilleadh a ais-innleachd dhona a dhealbh e an aghaidh nan Iùdhach air a cheann fhèin, agus gum biodh esan agus a mhic air an crochadh air a’ chroich.

Thubhairt iad, Thigibh agus gearramaid as iad o bhith nan cinneach, a‑chum nach cuimhnichear ainm Israeil nas mò.

Oir le aon inntinn ghabh iad comhairle le chèile, ad aghaidh-sa rinn iad coicheangal.

A bheil thu a’ toirt fa‑near ciod a tha an sluagh seo a’ labhairt, ag ràdh, An dà theaghlach a roghnaich an Tighearna, rinn e an tilgeadh uaithe? Agus rinn iad dìmeas air mo shluagh-sa, air chor is nach eil iad gam meas nas mò mar chinneach.

Uime sin biodh gàirdeachas oirbh, O nèamhan, agus oirbhse a tha nur còmhnaidh annta. An‑aoibhinn do luchd-àiteachaidh na talmhainn, agus na fairge! Oir thàinig an diabhal a‑nuas dur n‑ionnsaigh, agus fearg ro‑mhòr air, do bhrìgh gur fiosrach e nach eil aige ach ùine gheàrr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan