Ach dhiùlt a’ bhànrighinn Bhasti teachd air àithne an rìgh a thug e seachad le làimh nan caillteanach: agus bha corraich mhòr air an rìgh, agus las a fhearg an taobh a‑staigh dheth.
Agus chrom na seirbhisich uile a bha ann an geata an rìgh iad fhèin, agus thug iad urram do Hàman, oir dh’àithn an rìgh mar sin da thaobh; ach cha do chrom Mordecai e fhèin, agus cha tug e urram dha.
Agus nuair a labhair iad ris là an dèidh là, agus nach d’èisd e riu, an sin dh’innis iad e do Hàman, a dh’fheuchainn an seasadh briathran Mhordecai; oir dh’innis e dhaibh gum b’Iùdhach e.
Agus chaidh Hàman a‑mach air an là sin aoibhneach agus subhach na chridhe: ach nuair a chunnaic Hàman Mordecai ann an geata an rìgh, agus nach d’èirich e, agus nach do charaich e air a shon, bha e làn feirge an aghaidh Mhordecai.
An sin bha Nebuchadnesar làn corraich, agus bha dreach a ghnùise air caochladh an aghaidh Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego; labhair agus dh’àithn e gun teasaicheadh iad an àmhainn seachd uairean na bu mhò na bu ghnàth leo a teasachadh.