Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 3:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a labhair iad ris là an dèidh là, agus nach d’èisd e riu, an sin dh’innis iad e do Hàman, a dh’fheuchainn an seasadh briathran Mhordecai; oir dh’innis e dhaibh gum b’Iùdhach e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thachair e, nuair a labhair i ri Iòseph o là gu là, nach èisdeadh esan rithe, gu laighe leatha, no a bhith maille rithe.

Ge bè neach a tha nur measg-se de a shluagh uile, gu robh a Dhia maille ris, agus rachadh e suas gu Ierusalem a tha ann an Iùdah, agus togadh e taigh an Tighearna, Dia Israeil; is esan an Dia, a tha ann an Ierusalem.

Agus thubhairt seirbhisich an rìgh, a bha ann an geata an rìgh, ri Mordecai, Carson a tha thu a’ briseadh àithne an rìgh?

Agus chunnaic Hàman nach do chrom Mordecai e fhèin, agus nach tug e urram dha, agus bha Hàman làn feirge.

Tha Iùdhaich àraidh, a chuir thu os cionn gnothaichean mòr-roinn Bhàbiloin, Sadrach, Mesach, agus Abed-nego; cha tug na daoine seo, O rìgh, meas ortsa, chan eil iad a’ dèanamh seirbhis dod dhiathan no a’ toirt adhraidh don ìomhaigh òir a chuir thu suas.

An sin fhreagair iadsan, agus thubhairt iad ann an làthair an rìgh, Daniel sin a tha de chloinn bruid Iùdah, chan eil suim aige dhìotsa, O rìgh, no den reachd a sheulaich thu, ach tha e ri athchuinge trì uairean anns an là.

Agus thubhairt e riu, Is Eabhraidheach mi, agus tha eagal an Tighearna Dia nèimh orm, an Tì a rinn an cuan agus an talamh tioram.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan