Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 3:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an treas-là‑deug den chiad mhìos; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Hàman, a‑chum àrd-luchd-riaghlaidh an rìgh, agus a‑chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr-roinne, agus a‑chum cinn-feadhna gach sluaigh, a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain: ann an ainm an rìgh Ahasuerus sgrìobhadh e agus sheulaicheadh e le fàinne an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus sgrìobh i litrichean ann an ainm Ahaib, agus sheulaich i iad le a sheula; agus chuir i na litrichean a dh’ionnsaigh nan seanair, agus a dh’ionnsaigh nan uaislean a bha a chòmhnaidh maille ri Nàbot na bhaile.

Agus thug iad seachad òrdaighean an rìgh do àrd-luchd-riaghlaidh an rìgh, agus do na h‑uachdarain air an taobh seo den abhainn; agus chuir iadsan an sluagh agus taigh Dhè air an aghaidh.

Agus chuir e litrichean a dh’ionnsaigh uile mhòr-roinnean an rìgh, a dh’ionnsaigh gach mòr-roinne a rèir a sgrìobhaidh, agus a dh’ionnsaigh gach sluaigh a rèir an cànain, gum biodh gach fear na uachdaran na thaigh fhèin; agus gum biodh seo air fhoillseachadh a rèir cànan gach sluaigh.

Agus thubhairt an rìgh ri Hàman, Tha an t‑airgead air a thabhairt dhut, agus an sluagh, a dhèanamh riu mar as àill leat.

Agus thug an rìgh dheth a fhàinne a thug e o Hàman, agus thug e e do Mhordecai. Agus chuir Ester Mordecai os cionn taigh Hàmain.

Shuidhich na h‑Iùdhaich, agus ghabh iad orra fhèin, agus air an sliochd, agus orrasan uile a leanadh riu, air chor is nach rachte thairis air, gun cumadh iad an dà là sin a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an àm, anns gach bliadhna:

Thug thusa, O rìgh, òrdagh gun dèanadh gach aon a chluinneadh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, sleuchdadh agus adhradh don ìomhaigh òir:

An sin thàinig iad am fagas, agus labhair iad ann am fianais an rìgh mu thimcheall òrdagh an rìgh, Nach do sheulaich thusa reachd, gach duine sam bith a nì athchuinge ri aon dia no duine, an taobh a‑staigh de dheich-làithean-fichead, ach riutsa, O rìgh, gun tilgear ann an garaidh nan leòmhann e? Fhreagair an rìgh, agus thubhairt e, Tha an nì fìor a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach atharraichear.

An sin chruinnich na daoine seo a‑chum an rìgh, agus thubhairt iad ris an rìgh, Biodh fhios agad, O rìgh, gur e lagh nam Mèdach agus nam Persach nach faodar òrdagh no reachd air bith a dhaingnich an rìgh a chaochladh.

An sin sgrìobh Darius a‑chum nan uile shluagh, chinneach agus chànainean a tha a chòmhnaidh air an talamh uile, Gu robh sìth air a meudachadh dhuibh.

A‑nis, O rìgh, daingnich an t‑òrdagh agus seulaich an sgrìobhadh, a‑chum nach caochlaidhear e, a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach fhaodar atharrachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan