Esteir 3:11Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt an rìgh ri Hàman, Tha an t‑airgead air a thabhairt dhut, agus an sluagh, a dhèanamh riu mar as àill leat. Faic an caibideil |
Agus ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an treas-là‑deug den chiad mhìos; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Hàman, a‑chum àrd-luchd-riaghlaidh an rìgh, agus a‑chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr-roinne, agus a‑chum cinn-feadhna gach sluaigh, a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain: ann an ainm an rìgh Ahasuerus sgrìobhadh e agus sheulaicheadh e le fàinne an rìgh.
Agus a‑nis feuch, tha mise gad fhuasgladh an‑diugh o na slabhraidhean a bha air do làmhan. Ma chì thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, thig; agus bheir mi aire mhath dhut: ach mura faic thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, fan: feuch, tha am fearann gu h‑iomlan fad chomhair: far am faicear ceart agus iomchaidh dhut dol, theirig ann; agus ciod air bith tuilleadh cha chumar air ais e.