Agus thug Phàraoh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus chuir e air làimh Iòseiph e; agus sgeadaich e e ann an trusgan de lìon-aodach grinn, agus chuir e slabhraidh òir ma mhuineal.
An dèidh nan nithean sin rinn an rìgh Ahasuerus Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, na dhuine mòr, agus dh’àrdaich e e, agus chuir e a àite-suidhe os cionn nan uachdaran uile a bha maille ris.
Mas toil leis an rìgh, sgrìobhar gum bi iad air an sgrios, agus ìocaidh mise deich mìle tàlann airgid dan làimh-san a nì an gnothach, a‑chum a thabhairt do ionmhasan an rìgh.
Sgrìobhaibh-se mar an ceudna airson nan Iùdhach, mar as math leibh, ann an ainm an rìgh, agus seulaichibh le fàinne an rìgh: oir an sgrìobhadh a sgrìobhar ann an ainm an rìgh, agus a sheulaichear le fàinne an rìgh, chan fhaodar a chur air ais.