Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 3:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An dèidh nan nithean sin rinn an rìgh Ahasuerus Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, na dhuine mòr, agus dh’àrdaich e e, agus chuir e a àite-suidhe os cionn nan uachdaran uile a bha maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Bidh tu os cionn mo thaighe-sa, agus a rèir d’fhacail bidh mo shluagh uile air an riaghladh: a‑mhàin anns an rìgh-chathair bidh mise nas mò na thu.

Agus nuair a bha tìr na h‑Eiphit uile ann an uireasbhaidh, an sin ghlaodh an sluagh ri Phàraoh airson arain: agus thubhairt Phàraoh ris na h‑Eiphitich uile. Ruigibh Iòseph; an nì sin a their e ribh, dèanaibh.

A‑thaobh gun do chuireadh thu leis an rìgh, agus le a sheachd comhairlichean, a dh’fhiosrachadh mu thimcheall Iùdah agus Ierusaleim, a rèir lagh do Dhè a tha ann ad làimh;

Agus làimh ris bha Carsena, Seta, Admata, Tarsis, Meres, Marsena, agus Memucan, seachd uachdarain Phersia agus Mhedia, a bha a’ faicinn gnùis an rìgh, agus a shuidh air thoiseach anns an rìoghachd),

Agus thug an rìgh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus thug e e do Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, nàmhaid nan Iùdhach.

Agus chuir Hàman an cèill dhaibh mòrachd a bheartais, agus lìonmhorachd a mhac, agus gach nì leis an do rinn an rìgh mòr e, agus mar a dh’àrdaich e e os cionn nan uachdaran, agus seirbhisich an rìgh.

Agus thubhairt Ester, Is e an t‑eascaraid agus an nàmhaid Hàman an droch dhuine seo. Agus bha eagal air Hàman an làthair an rìgh agus na bànrighinn.

Agus labhair Ester a‑rìs an làthair an rìgh, agus thuit i sìos aig a chasan, agus ghuil i, agus ghuidh i air gun cuireadh e air falbh olc Hàmain an t‑Agagach, agus a ais-innleachd a dhealbh e an aghaidh nan Iùdhach.

Gluaisidh na h‑aingidh air gach taobh, nuair a dh’àrdaichear iadsan as suaraiche de chloinn nan daoine.

Nuair a bhios na fìreanan cumhachdach, nì an sluagh gàirdeachas; ach nuair a riaghlas na h‑aingidh, nì an sluagh osnaich.

Cuirear amaideachd an inbhe mhòir, agus suidhidh na saoibhir ann an ionad ìosal.

Agus os an cionn seo trì àrd-uachdarain (dem b’e Daniel a’ chiad aon), a‑chum gun tugadh na h‑uachdarain an cunntais dhaibh, agus nach biodh calldach air bith aig an rìgh.

Sruthaidh an t‑uisge a‑mach as a shoithichean, agus bidh a shliochd ann am mòran uisgeachan, agus bidh a rìgh nas àirde na Agag, agus àrdaichear a rìoghachd.

Agus thubhairt Samuel, Mar a rinn do chlaidheamh-sa mnathan gun chlann, mar sin bidh do mhàthair gun chlann am measg bhan. Agus thug Samuel fa‑near Agag a ghearradh sìos na mhìrean am fianais an Tighearna ann an Gilgal.

Agus ghlac e Agag, rìgh nan Amaleceach, beò, agus sgrios e an sluagh uile le faobhar a’ chlaidheimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan